jamacor
1.1K
2 duilleagan
Naomh Josemaria Stèidheadair Opus Dei. Ùrnaigh O Dhia, tro eadarghuidhe ar màthar beannaichte Moire, thug thu gràsan do-àireamh don t-sagart Naomh Josemaria, a roghnaich thu mar ionnstramaid fìor-…barrachd
Naomh Josemaria Stèidheadair Opus Dei.
Ùrnaigh
O Dhia, tro eadarghuidhe ar màthar beannaichte
Moire, thug thu gràsan do-àireamh don t-sagart
Naomh Josemaria, a roghnaich thu mar
ionnstramaid fìor-dhìleas a chum Opus Dei a chur
air bhonn mar dhòigh obair làitheil a naomhachadh
agus dlighean gnàthach a’ Chrìosdaidh a choileanadh. Deònaich gun ionnsaich mise cuideachd gach cor is cùis mo bheatha a thionndadh nan adhbhar airson gràdh a thoirt dhutsa agus seirbheis a dhèanamh dhan Eaglais, dhan Phàp agus do gach anam, gus slighean na talmhainn seo a shoilleireachadh le creideamh agus le gràdh.Tro eadarghuidhe Naoimh Josemaria, deònaich, mas e do thoil e, am fàbhar seo a bhuileachadh orm (dèan t’ athchuinge an seo). Amen. Paidir, Beannachadh Moire, Glòir.